 Am Bann-Leathan gun Ueirichean 's gun Bhacadh as Saoire agus as Fhearr: Tha cuid de na dòrlaich as saoire a cuir bacadh air dè ni thu air loidhne. Cuiridh cuid stad ort bho bhith a luchdachadh a-nuas barrachd na 1Gb sa mhìos. Ma tha thu dìreach airson sealltainn air làraich-lìon no leughadh post-d, cha bhith seo na thrioblaid. Ach, ma tha thu airson luchadhadh a-nuas tòrr faidhlichean, no airson geamaichean a chluich, 's dòcha gur e pasgan gun bhacadh (unlimited) a tha a dhìth ort. Ma tha còrr is aona choimpuitair san taigh, 's pasgan gun bhacadh a dh'fheumas tu.
Tha a mhòr chuid de sholaraichean a-nise a' tabhainn pasgain le bann-leathann gun bhacadh gu math saor. Na gabh riutha ro luath ged-tha - chan ann tric bann-leathann gun bhacadh fìor a th'ann. Leugh an teacsa bheag gus shealladh ceart fhaighinn air a phasgan.
Tha Virgin Media a tabhainn pasgain le bann-leathann gun bhacadh. Tha iad seo a' gealltainn luchadhadh a-nuas gun bhacadh mar choir. Ach - tha an Acceptable Use Policy aca ag radh, get nach eil iad a cuir bacadh air luchdachadh a-nuas - thèid iad an aghaidh neach a tha ga chleachdadh ann an dòigh a bheireas droch bhuaidh air ceangal dhaoine eile. Chan eil seo ro shoillear, ach thatar ag radh 's dòcha gun cuireadh Virgin bacadh air an ceangal ann an suidheachaidhean sònraichte - chan eil coir gun cuireadh sin dragh ach air 0.1 as a' chiad de dhaoine, agus aig àmanan thrang a-mhàin - mar eiseimpleir eadar 9m agus 9f.
Tha pasgan O2 gun bhacaidhean sam bith sa mhìos, ach, ma thu ga chleachdadh fada cus, thatar ag radh gur 's dòcha gun faigh thu litir no gun tèid do cheangal a ghearradh.
Tha BT cuideachd a' tabhainn pasgan gun bhacadh, ach ma chleachdas tu cus e, thèid d'astar a lughdachadh.
Tha "fair usage policy" aig Tiscali cuideachd, agus bi iad a' cumail smachd air an trafaig gus an t-seirbhis a chumail math.
Tha coltas ann gu bheil na solaraichean air fad a' cur bacadh air daoine a' cleachdadh an t-seirbhis cus nuair a tha an lìonaid trang, fiù's ged a tha nam pasgan "gun bhacadh". Tha seo a' tachairt fiù's le na dòrlaich as fheàrr air sgàth's gu bheil iomadh neach a'cleachdadh an t-seirbhis - agus an aon loidhne. Ma tha iad uile air loidhne aig an aon àm - a' luchadhadh a-nuas fhaidhlichean, no a' cluich geamaichean thig lughdachadh air an t-seirbhis agus gabhaidh na solaraichean brath.
Tha ionamhasan ùra air an trioblaid a dhèanamh nas miosa. Tha fònaichean gu tric a-nise ag obair thairis air bann-leathann, agus tha goireasan mar an iPlayer aig a' BhBC a' ciallachadh gu bheil barrachd prògraman teilidh gan coimhead air coimpuitairean. Bith snàithleach oipticeach bann-leathann a' cuideachadh le bhith dèanamh gnothaichean nas luaithe - ach aig a cheart àm bith an snàithleach oipticeach ga chleachdadh tuilleadh airson luchdadhadh a-nuas. Marsin, feumaidh sin feitheamh gus fhaicinn dè a bhuaidh a bhios air eadar-lìon gun bhacadh.
'S e an duilgheadas do luchd-cheannach gur e na solaraichean a tha ag radh gu dè th'ann an "fair usage".

|