 A' Cur gu Feum Routar agus Modem Eadar-lion airson Bann-Leathann gun Ueirichean: Bliadhnaichean air ais, thàinig bann-leathann le modem gus an ceangal ris an t-eadar-lìon a' laimhseachadh. A-nise 's e router a nochdas le coimeas obrachadh gun ueirichean, gus fìor bann-leathann mobile a thabhainn. Tha routers bann-leathann a' dèanamh obair modem agus croadhladh gun ueirichean - thèid an toirt seachad le ISP le pasgan ùr.
Tha bann-leathann gun ueirichean ri fhaotainn bho sholaraiche bann-leathann sam bith. 'S e an t-aona eadar-dhealachadh bho bhann-leathann le ueir, g'eil router "wireless" air a cheangal ris an loidhne fòn an àite modem. Tha gach PC an uairsin feumach air adapter "wireless". Thèid sin a cheannach mur a h-eil e air a chuir don choimpuitair mu thrath. Dh'fhaodadh tu adapter ùr a chuir ann an poirt USB.
Leigidh bann-leathan gun ueirichean iomadh choimpuitair a cheangal ris an t-eadar-lìon gun feum air ueirichean. Ach - tha trioblaidean sàbhailteachd an cois seo agus feumaidh to do lìonaid a dhìon gus dèanamh cinnteach nach faigh daoine eile grèim air. Fhad's a tha mi a' sgrìobhadh seo, chi mi 16 lìonaid eile rim faotainn ann an togalaichean agus oifisean eile. Gheibh mi air an t-eadar-lìon saor agu an asgaidh tro 5 dhiubh! (Na gabh dragh - thèid mi a-null gus innse dhuibh nuair a tha mi deiseil a' sgrìobhadh.)
Nochdaidh duilgheadasan le dè cho làidir sa tha an t-signal. Thìed bacadh air an neart le iomadh adhbhar: an àireamh agus am meud de bhallaichean mu chuairt, coimpuitairean eile agus dè cho fada sa th'ann eadar coimpuitair agus router.
Atharraichidh astar an ceangal bann-leathann mobile a-rèir's dè cho aosta sa tha an router. Nochd astar 802.11b standard an toiseach ann an 1999 le astaran a' ruighinn 11 Mbps. As dèidh sin nochd astar nas luaithe, mar 54 Mbps: a'cleachadh 802.11a le frequency de 5 GHz. Tha 802.11g a'cleachdadh an t-aona 2.4 GHz frequency sa tha11b. Tha an t-astar as luaithe, a nochd san t-Sultainn 2009, 802.11n le astaran nas luaithe na 100 Mbps. Fhathast, tha ceangal le ueir na èifeachdadh na tha ceangal gun ueir.
Ma tha thu a'gluasad gu snàithleach oipticeach bann-leathann le router càbal, feumaidh tu "n" router gus dèanamh cinnteach gun dèan e an gnothach air na h-astar luchdachadh a-nuas. Tha na routers ùr seo rim faotainn bho Netgear no Linksys. Thug cuid beachd air na routers ùr seo, agus cho-dhùn iad g'eil iad math air astar nas luaithe a ghùilain thairis air astar nas fhaide. 'S iad an dòigh as fheàrr air bann-leathann gun ueir a chleachdadh.

|