 Deuchainn Astar-Cheangail Bann-Leathann: Ged a tha cuid a' cleachdadh an eadar-lìon gun smuain, 's rud ùr a th'ann fhathast. Fiù's le beatha gu math ghoirid, tha dùbhlan an t-astar-cheangail as fhèarr air faireachdainn fada.
An toiseach, chaidh an coimpiutair a cheangal ris an eadar-lìon tron fòn - dial-up. Thionndaich modem an t-signal bhon choimpiutair gu analogue son an t-siostam fòn, agus air ais a-rithist nuair a bha fiosrachadh ann. Tha duilgheadasan an lùib an siostam sin. An toiseach, nuair a tha thu air an eadar-lìon, chan eil am fòn ag obair. Cuideachd, bi cosgais mòr na luib.
Anns an darna àite, tha ceangalan gu math slaodach, le dial-up ag obair aig astar 56k air latha math. Nuair a dh'fhàs làraich-lìon nas fheàrr, agus nuair a dh'fhàs luchdachadh a-nuas nas cumanta, nochd trioblaid nas motha leis an t-astar.
Nuair a nochd ADSL mu dheireadh thall dh'fhàs rudan nas fhèarr. Tha an t-siostam seo fhathast a' cleachdadh liodhne fòn, ged a tha feum air cuid a loidhnichean air leasachadh. Leis an t-siostam seo, tha microfilter a' gearradh an ceangal ann an dà phàirt, a' leigeil don fòn obrachadh aig an aon àm. Fheumar modem eadar-dhealaichte, ach tha i ag obair anns an aon dòigh, agus ma tha router air a chleachdadh, thèid iomadh coimpuitair a chleachdadh aig an aon àm. Thòisich an t-seirbhis aig astar 512Kbps - naoi uairead cho luath ri dial-up. Tha an t-astar air leasachadh a-nise le astar cumanta de 10Mbps. Tha astaran nas luaithe rim faotainn.
'S e snàithleach oipticeach an ath ìre de leasachadh - thèid a chleachdadh an àite ueir copar gus signal solais a ghùileann. Tha seo a' gealltainn astar glè luath, le 50Mbps ri fhaotainn an dràsta, agus suas ri 100Mbps san amharc. 'S e rud math eile nach eil an t-signal a' crìonadh mar a tha le copar thairis air astar.
Feumaidh tu mothachadh nach eil anns na figearan ach beachd - chan eil na h-astaran an còmhnaidh rim faotainn. Thèid bacadh air an t-astar le rudan eleictrigeach eile, cho math sa tha do choimpiutair, cò eile a th'air an loidhne agus dè cho fada sa tha thu bhon exchange. Tha na figearan cuideachd a' ciallachadh astar luchdadhadh a-nuas. Tha luchdachadh a-nuas faisg air aon fhicheadamh den t-astar. Cuideachd, chan eil Mbps a' ciallachadh "Megabytes per second", 's e "Megabits" a th'ann. Tha ochd bits ann am byte. Marsin, 's dòcha gum bi an t-astar tòrr na luagha na tha thu am beachd.
Ma tha thu riamh air smaoineachdh "Dè cho luath sa tha mo cheangal eadar-lìon" no "Ciamar a ghabhas mi sùil air astar mo bhann-leathann?", faodaidh tu deuchainn astar bann-leathann a dhèanamh an asgaidh. Tha na deuchainn seo ag obair san aon dòigh, a luchdachadh a-nuas agus a-nios faidhlichean gus an t-astar fhaicinn. Tha thu a' faighinn am fiosrachadh aig deireadh a ghnothach, agus tha a mhòr-chuid a' toirt seachad an aon fiosrachadh. Tha iad a' cleachdadh an t-astar a tha ann aig an àm ged-tha. Marsin, ma tha d'ISP trang bi an t-astar nas slaodaiche na tha àbhaisteach. Gabh sùil air aig àmannan eadar-dhealaichte gus sealladh fìor fhaighinn.
Tha Broadband Speed Checker (www.broadbandspeedchecker.co.uk) feumach air browser aig a bheil Javascript agus Flash 8. Tha iad sin aig a mhòr chuid de bhrowsers an-diugh. Tha e uamhasach sìmplidh a chleachdadh. Bruth am putan agus nochdaidh am fiosrachadh. Gheibh thu cuideachd beachd air cho luath sa tha còir aige bhith, agus ma chuireas tu do chòd-phuist ann, chi thu dè na dòrlaich a tha rim faotainn nad sgìre.
Tha goireas astar Top 10 Broadband (www.top10-broadband.co.uk) feumach air Flash Player. 'S dòcha gum bi feum agad luchdachadh a-nuas a dhèanamh air a seo an toiseach. A bharrachd air cho luath sa tha do cheangal, seallaidh e dhut dè tha ri fhaotainn nad sgìre agus dè dòrlaich nas luaithe. Tha deuchainn astar Broadband Finder (www.broadband-finder.co.uk) a' faighneachd cò do sholaraiche mus tòisich e. San fharsaingeachd, dh'obraich gach deuchainn gu lauth, sheall iad an t-aon fiosrachadh agus dh'obriach iad le ueir copar, snàithleach oipticeach agus bann-leathann gun ueirichean.

|