 Leis an uiread de dòrlaich rim faotainn ann am Breatainn, tha e doirbh na planaichean as fhèarr a lorg. Dh'fhaodadh tu làrach-lìon coimeas a chleachdadh gus am prìs as lugha a lorg agus sin a thaghadh. Ach, chan eil na dòrlaich seo fìor oir tha na solaraichean a' tabhainn rudan eadar-dhealaichte.
Chan eil cuid de na prìsean ann ach airson mìos no dhà agus tha iad an uairsin air an àrdachadh. Tha cosgaisean eile an lùib cuid, airson an t-seirbhis a' stèidheachadh, no airson seirbhisean eile air nach eil feum. Mar eiseimpleir, tha cuid de solaraidhean a cur seirbhis fòn na luib - le prìs nas àirde mur a h-eil thu ga iarraidh. Gabh sùil nas mìonaidiche.
Chan e prìs a-mhàin a tha cudromach. Feumaidh tu coimhead air mar a tha thu a' cleachdadh an eadar-lion gu tuigsinn dè an dòrlach a bhios feumail. Ma tha thu a' cur seachad tòrr tìde air loidhne, a' roinn dhealbhan, a' cumail sùil air làraich sòisealta agus a'luchdachadh a-nuas ceòl, tha "unlimited downloads" a dhìth ort. Ma 's e 's gu bheil thu ri gemaichean agus a' coimhead bhideoan, tha astar cudromach. Agus, ma tha thu ann an taigh le barrachd na aon PC, dh'fhemar "wireless" gu leigeil don a h-uile duine ceangal a dhèanamh.
Tha làraich coimeas feumail ma tha iad a leigeil dhut na feuman agad a chuir ann - luchd-cleachdaidh trom, no luchd-cleachdaidh ghnìomhachas - agus a' sealltainn na dòrlaich as fheàrr. Mus dèan thu co-dhùnadh feumaidh tu coimeas a dhèanamh air a h-uile càil - prìs, astar, bacaidhean agus an teacsa as lugha.
Thèid pasgain a thabhainn le solaraichean gus Tbh, bann-leathann agus fòn a thoirt seachad air prìs mìosail, dh'fhaodadh gum bi sin nas saoire na bhith an ceannach leotha fhèin. Feumaidh tu ged-tha dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil air a bheil feum agad, agad mar router no modem. Bith faiceallach mu gheallaidhean mu prògraman an asgaidh - gu h-airidh "trials" - ma tha na tha dhìth ort agad mu thràth. 'S e an rud as cudromaiche, sùil a chumail air na tha dhìth ort, agus pasgan a cheannach aig a' phrìs as fheàrr.

|