Toiseach Léirmheas Coimeas Ceannach Fios
Fios Internet English Version >
Speak Gaelic? >
For Sale
Deuchainn Astar Bann-Leathann
Bann-Leathann ri Fhaotainn
Routaran gun Ueirichean
Bann-Leathann gun Bhacadh
Cheap Broadband Offers & Deals
Broadband TV & Phone Packages
Fios Internet RSS Feed Fios Internet on Twitter Fios Internet on Facebook
Coalition = Stunted Growth:
Virgin Media has joined together with designer Alice Davies to create a laptop which will show the possibilities now available to customers. ...
Lots to say:
Research from Moneysupermarket.com has found that some internet providers are failing to provide customers with details required under Ofcom ...
Get Broadband News and Discounts
Enter your email address:


Delivered by Google FeedBurner

Furain:   Snàithleach Oipticeach Bann-leathann

Gabhaidh e Tìde an t-Àm ri Teachd a Ruighinn:
Thathar an dùil gur e snàithleach oipticeach an ath ghoireas mòr ann an saoghal bann-leathann, le astar fìor luath - co-dhiù a-rèir na tha luchd margaidheachd ag ràdh. Chan ann dìreach bruidhinn a th'ann ged-ta oir tha am prionnsabal, solais a ghluasad troimh snàithleach ghloinne an àite troimh ueir copar co-aisealach àibhaisteach, a' ciallachadh gu bheil astaran-chraodhlaidh fada nas luaithe rim faotainn. A bharrachd air a sin, chan eil an t-astar-chraodhlaidh a crìonadh mòran ann an càbal snàithleach oipticeach idir. Tha an t-astar a' crìonadh gu luath thairis air fhaid le ueir copar.

Tha Snàithleach Oipticeach Bann-Leathan ùr a' tabhainn:

'S e an trioblaid an-dràsta, nach eil mòran snàithleach oipticeach ri fhaotainn. Tha solaraiche Càbal Virgin Media air an lìonaid aca a leasachadh, ach chan eil sin ri fhaighinn anns a h-uile h-àite. A bharrachd air a sin, chan eil an snàithleach oipticeach ach a' dol cho fada ris an t-sràid, tha ueir copar an uairsin a' dol bhon t-sràid don taigh.

Tha na Ceannardan a-nise a' feuchainn ri grèim fhaighinn air a ghnothach.
Chan eil gnìomhachas eile seach BT a' solarachadh snàithleach oipticeach. Thòisich BT le pìliot do 10,000 taighean ùra ann an Kent ann an 2008. Dh'fheuch iad an uairsin le luchd-ceannaich ann an Lunnain agus Glamorgan à Deas ann an 2009. Tha BT ag amas ri bann-leathan snàithleach oipticeach a thoirt do 10 million taighean roimh 2012. Mar chuireas tu sin ris na 9 million taighean a th'aig Virgin, tha seo a' sealltainn buaidh mhòr air an àireamh de thaighean aig a bheil bann-leathan.

Tha "local loop unbundling" a' ciallachadh gu tèid lìonaid BT fhosgladh do ISPs eile, agus tha cuid ag iarraidh gun dean Virgin an aon rud. Ach, air sgàth's gun tèid copar a chleachdadh airson an ceangal mu dheireadh chun taigh airson greis, (dh'fhaodadh tu paigheadh airson a leasachadh) tha lìonaid snàithleach oipticeach air feadh na dùthcha pìos air falbh fhathast.



Virgin Media Broadband BT Broadband Orange Broadband Sky Broadband AOL Broadband

Copyright © 2009-2010 Fibre Optic Broadband :: All Rights Reserved :: Contacts :: Terms of Use